Tha an Dreachd Plana Gàidhlig aig Foghlam Alba airson 2020-2025 a-nis ri fhaighinn airson co-chomhairleachadh poblach. Bidh an dreachd plana fosgailte airson bheachdan bho 19 Dàmhair 2020 gu 29 Samhain 2020.

Tha Gayle Gorman, Àrd-neach-sgrùdaidh na Banrigh agus Ceannard Foghlaim Alba, airson cluinntinn bho dhaoine air feadh na h-Alba air dreachd plana Gàidhlig Foghlam Alba.

Thuirt i: Tha Foghlam Alba mothachail gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, fèin-aithne nàiseanta agus beatha chultarach na h-Alba an-diugh. Tha sinn moiteil agus dealasach a bhith ag obair còmhla ris a’ phroifeisean agus na com-pàirtichean a tha a’ toirt taic don Ghàidhlig, tron churraicealam, ionnsachadh proifeasanta agus an dòigh anns a bheil sinn a’ mìneachadh Foghlam Gàidhlig. A’  coimhead air adhart, tha sinn airson beachdan sgioba-obrach foghlaim na h-Alba, luchd-ùidh, com-pàirtichean agus buill den phoball a chluinntinn air an dreachd Plana Gàidhlig againn.”

Tha Plana Gàidhlig Foghlam Alba mar phàirt den Phlana Chorporra againn, agus na eisimpleir a bharrachd air mar a tha a’ Ghàidhlig aig cridhe ar dleastanais. Bidh e a’ togail air soirbheachadh a chaidh roimhe agus tha e mòr-mhiannach airson na Gàidhlig.

Tha am plana ùr againn a’ cur an cèill amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023 a thaobh: 

  • Cur ri cleachdadh na Gàidhlig;
  • Cur ri ionnsachadh na Gàidhlig; agus
  • Ìomhaigh fhàbharach den Ghàidhlig a chur air adhart.

    Tha sinn a’ leantainn oirnn a’ co-obrachadh le luchd-ùidh, luchd-ionnsachaidh, luchd-dreuchd agus coimhearsnachdan gus eòlasan agus builean foghlaim a leasachadh dhaibhsan a tha ann am foghlam Gàidhlig, agus mar sin gus seasmhachd na Gàidhlig a dhèanamh comasach san àm ri teachd ann an Alba.

    Tha sinn a’ toirt cuireadh do luchd-ùidh, com-pàirtichean agus buill den phoball pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh seo. Cuiribh bhur beachdan air susbaint a’ phlana gu EdSGLPPublicConsultation@educationscotland.gov.scot ron cheann-latha.

And now in English:

Education Scotland’s draft Gaelic Language Plan for 2020-2025 is now available for public consultation. The draft plan will remain open for comment from the 19 October 2020 till 29 November 2020.

Gayle Gorman, HM Chief Inspector and Chief Executive of Education Scotland, is keen to hear from those from across Scotland on their views of Education Scotland’s draft Gaelic Language plan.

She said: “ Education Scotland recognises that Gaelic is an integral part of Scotland’s heritage, national identity and current cultural life. We are committed and proud to work with and alongside the profession and partners supporting Gaelic, through the curriculum, professional learning and the way in which we define Gaelic Education. As we look ahead, we want to hear the views of Scotland’s education workforce, stakeholders, partners and members of the public on our draft Gaelic Language Plan.”

Education Scotland’s Gaelic Language Plan is part of our Corporate Plan and helps to exemplify further how Gaelic is embedded in our role. It builds on our previous successes and is ambitious for Gaelic.

Our new plan articulates with the aims of the National Gaelic Language Plan 2018-2023 to:

  • Increase the use of Gaelic;
  • Increase the learning of Gaelic; and
  • Promote a positive image of Gaelic.

    We continue to work in collaboration with stakeholders, learners, practitioners and communities to improve educational experiences and outcomes for those in Gaelic education which in turn contributes to enabling a sustainable future for Gaelic language in Scotland.

    We invite stakeholders, partners and members of the public to take part in this consultation. Please email comments regarding the content of the plan to EdSGLPPublicConsultation@educationscotland.gov.scot before the closing date.
Website | + posts

Founding Editor of The Edinburgh Reporter.
Edinburgh-born multimedia journalist and iPhoneographer.